Metropolitan Community Church Logo
Metropolitan Community Church Logo
Fàilte gu MCC Dhùn Èideann!
Dealbhan den choimhearsnachd Fàilte gu Metropolitan Community Church Dhùn Èideann. Tha sinn nar pàirt den Eaglais MCC eadar-nàiseanta. Tha sinn a' feuchainn ri àite sàbhailte a chruthachadh far am bi neach sam bith saor adhradh a dhèanamh do Dhia. Nar bharail-sa tha còir aig a h-uile neach, gàidh, leasbach, dà-chomasach, de ghnè-atharraichte (LGBT) no rèidh, an cothrom fhaighinn pàirt a ghabhail anns an teaghlach Chrìosdaidh.

Tha fàilte chridheil romhaibh sùil a thoirt air ar làraich agus fios a chur thugainn le ceist sam bith a bhios agaibh. Mar phàirt de theaghlach-eaglaisean MCC, chaidh

MCC Dhùn Èideann a stèidheachadh anns an Iuchar 1995. Tha MCC Dhùn Èideann a' feuchainn ris an t-Soisgeul Gaol Chrìosdaidh do neach sam bith, a shealltainn anns a h-uile dòigh. Tha sinn duilich nach eil an còrr den làraich ri fhaotainn sa Ghàidhlig fhathast. Faodaidh sibh post-d Gàidhlig a chur thugainn an seo.

Leigidh sinn gaol ma sgaoil!
Fios mun Eaglais
Seirbheisean

Feasgair Didòmhnaich: 6f (1800)

Tha fàilte chridheil romhaibh fuireach còmhla rinn airson cofaidh agus còmhraidh às dèidh na seirbheis.

(Tron Lùnasdal tha seirbheisean aig 11m.)
Dealbhan
Dealbhan dè na tha dol san Eaglais agus tachartasan sònraichte a leithid 'Pride'.
Gheibhear fios mu na tha dol ann an MCC Edinburgh an seo.
Cò Sinn?
Tuilleadh mun eaglais agus an t-Urramach Kerri Mesner
Naidheachdan
Naidheachd às ùire bho MCC Dhùn Èideann agus saoghal MCC.
Càite Bheil Sinn?
Lorgaidh sibh MCC Dhùn Èideann ann an togalach Augustine United Church:

41 George IV Bridge, Dùn Èideann, EH1 1EL

Tha sinn faisg air Greyfriar's Bobby agus dìreach mu choinneamh
taigh-bidhe 'Elephant House Cafe'.
MCC Edinburgh, 41 George IV Bridge, Edinburgh, EH1 1EL | Tel: 0131 226 1691 | Scottish Charity: SC026033
© Designed and Maintained by MCC Edinburgh 2007 | Contact webmaster | Homepage | mccchurch.org